Tiona bhriosgaidean mar chuimhneachan air Loch MaRuibhe
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch
Tha Geàrrloch air a bhith na àite cudromach a thaobh turasachd bho chionn fhada, gu h-àraidh às dèidh turas na Banrigh Bhictòria dhan sgìre ann an 1877, nuair a dh’fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch MoRuibhe. Sgrìobh i gu fàbharach san leabhar-latha mu a turas agus mu bhòidhchead na sgìre, ged a bha an t-uisge ann fad an turais aice a rèir coltais.
Tràth sna 1900an, bhiodh luchd-turais beartach bho air feadh na dùthcha a’ dol air an turas fada gu tuath gus seachdain no dhà a chur air adhart a’ faighinn tlàchd à adhair agus seallaidhean an àite agus gu tric ag iasgach air lochan brèagha.
Às dèidh an Dàrna Cogaidh, bha càraichean aig tòrr a bharrachd dhaoine agus thug seo seòrsa ùr de luchd-tadhail a Gheàrrloch. Ghabhadh cuimhneachain Gheàrrloch, mar an tiona bhriosgaidean seo, a cheannach ann am bùthan ionadail mar chuimhneachan air saor-làithean, no mar thìodhlac do chuideigin aig an taigh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 1970s
Stuthan: Tiona
Meudachd: 20cm x 17cm
Associated Activity