Modail de Thaigh-tasgaidh Ulapuil
Taigh-tasgaidh Ulapuil
Bha na h-eaglaisean innleachdach ann an iomadach dòigh. Chuir iad cuideam air cho cudromach ’s a tha dealbhadh sìmplidh, sùbailte agus air prìs reusanta. Bha an taobh a-staigh gu math lom a rèir cleachdaidhean na h-Eaglaise Clèirich agus ghabhadh e coithional de faisg air còig ceud neach.
Bhiodh an t-seirbheis adhraidh glè shìmplidh agus b’ e seinn nan sailm meatrach an aon seòrsa ciùil. Chaidh am foirm seo de na sailm a chruthachadh gus daoine a chuideachadh gus an ionnsachadh agus an tuigsinn gu sgiobalta. Dhùin an eaglais ann an 1935 agus tha i air aithneachadh mar an tè mu dheireadh de dh’eaglaisean Telford anns an robh an dealbhadh tùsail agus an taobh a-staigh ann an deagh staid. Anns na 1980an, chaidh mu fhichead de na modailean seo a bharantachadh gus airgead ath-leasachaidh a thogail gus am b’ urrainn dhan togalach a bhith na dhachaigh do chruinneachadh Taigh-tasgaidh Ulapuil.