Buinn a chaidh a thoirt do Sheònaid Adams
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
Chaidh na buinn seo a bhuileachadh air Seònaid Adams MBE, a bha sa Chrois Dhearg Eadar-nàiseanta fad còrr is fichead bliadhna. Chaidh a’ bhuidheann daonnachdail a stèidheachadh gus beatha dhaoine a dhìon agus fulangas a lùghdachadh.
Fhuair i Bonn cliùiteach Florence Nightingale airson na chuir i ri nursadh. Chaidh an duais ainmeachadh às dèidh banaltram ainmeil Cogadh a’ Chrimea, a bha gu mòr an sàs ann a bhith a’ cruthachadh nursadh an latha an-diugh.
Thug a dreuchd air feadh an t-saoghail i, a’ gabhail a-steach Grenada sa Charibbean, far an do chuidich i às dèidh doineann.
Associated Activities