Clach Chruithneach – leac-uaighe
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Tha a’ chlach Chruithneach seo a’ toirt fiosrachadh cudromach dhuinn mu dhaoine 1000 gu 1500 bliadhna air ais. Chaidh grunn chlachan mòra mar seo a lorg air feadh ceann a tuath na h-Alba. Thug na Ròmanaich an t-ainm picti air na Cruithnich, a’ ciallachadh daoine air am peantadh agus thàinig an t-ainm Beurla air na Cruithnich - Picts - às a sin.  

Chaidh a lorg ann an creagaireachd anns a’ Chananaich ann an 1989 agus thathar a’ creidsinn gur e leac-uaighe a bh’ ann, le gràbhaladh air aon taobh. Gu mì-fhortanach, tha crìonaidh mòr air a bhith ann thar ùine agus chaidh ath-dhealbhadh a dhèanamh oirre aig àm air choreigin gus an rachadh a chleachdadh a-rithist mar cheum no sòla.   

Anns a’ phannal cùil caolaichte seo, tha motif ceàrnagach sgeadaichte ann an rilif le crìoch chlaiseach.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 800-1000 AD
Stuthan: Clach
Meudachd: 45cm x 76cm x 16cm

Associated Activity

Skip to content