Sùghadair (blotter) pràis air a dhealbhadh le Ealain Cheilteach Ì
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Tha seo na eisimpleir de nì practaigeach a tha air a sgeadachadh gu mòr, a rèir feallsanachd gluasad nan Ealan is nan Ciùirdean.   

Bhathar a’ cleachdadh sùghdairean còmhla ri pinn inc. Nuair a chaidh pinn a bhogadh ann an inc bhiodh cus inc air a’ phàipear gu tric a dh’fheumadh ‘sùghadh às’.  

Tha an dealbhadh seo gu math sònraichte, leis an dealbh de ‘bhirlinn’ a rèir coltais stèidhichte air a’ charragh-cuimhne Crois an Aba MhicFhionghain bhon chòigeamh linn deug. Tha e na dheagh eisimpleir den dòigh anns an do tharraing gnìomhachas Ealain Cheilteach Ì, air a stiùireadh le Alexander agus Euphemia Ritchie, brosnachadh bho na dealbhaidhean mun cuairt orra. Ghluais an dithis gu Eilean Ì goirid às dèidh dhaibh pòsadh ann an 1898, a’ stèidheachadh bùth-obrach air an ath bhliadhna a bha gu bhith a’ toirt buaidh mhaireannach air gnìomhachasan cruthachail na sgìre.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900-1920
Stuthan: Pràis, leathar
Meudachd: 40cm x 30cm

Roinn-seòrsa

Associated Activities


Skip to content