Brògan chloinne
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Ann an dealbhan sgoile bho thoiseach na linn mu dheireadh, chithear nach eil brògan air a’ mhòr-chuid de chloinn ann an sgìre Gheàrrloch. Chan eil seo air sgàth ’s nach robh brògan sam bith aca. Ach bha brògan daor agus bha iad air an cumail airson amannan sònraichte a-mhàin, agus cha robh iad air an caitheamh airson gnìomhachd làitheil.    

Tha clach ann air a bheil Clach nam Brog air iomall Gheàrrloch. Sin na chanar ris air sgàth ’s gum biodh daoine a bha a’ coiseachd casruisgte à Poll Iùbh gu seirbheis Sàbaid ann an Geàrrloch a’ stad aig a’ chloich gus am brògan is an stocainnean a chur orra mus ruigeadh iad an eaglais.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Fiodh, leathar 
Meudachd: 14.5cm x 6cm x 8.5cm

Associated Activity


Skip to content