Piocaid aig mèinneadair guail
Ionad Dualchais Bhùra

Seo pioc tùsail a chleachd mèinnear ann am Mèinn Guail Bhrùra. Tha an làmhrachan goirid oir cha robh mòran spàs ann fon talamh. Uaireannan bhiodh aig na fir ri laighe air an druim gus an gual a ruigsinn a bha nas lugha na meatair a leud.

Tha làmhrachan fiodha air a’ phioc, a leudaicheas aig a cheann gus an tèid pìoc meatailt le lann dùbailte a chur air. Tha gach ceann den phiocaid eadar-dhealaichte: tha an dàrna fear rèidh agus tha am fear eile biorach gus am bi an t-inneal nas sùbailte.

B’ e Brùra an raon guail a bu fhaide tuath ann am Breatainn. Dhùin e mu dheireadh ann an 1974.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900-1920
Stuthan: Meatailt, fiodh
Meudachd: 67cm x 32cm

Associated Activies

A’ Cnuasachadh

Memorialising… The Commandos

 

 

Skip to content