Bogsa fiodha sgeadaichte
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Tha am bogsa seo gar cuideachadh gus buaidh an neach-ealain is sgrìobhdair George Bain a thugsinn (1881-1967). Tha e air a sgeadachadh le pàtran sònraichte de shnaidhmean Ceilteach, le taobhan air an sgeadachadh le dealbhadh de iuchair (air a dèanamh le loidhne leantainneach).

Tha an leubail air bonn a’ bhogsa ag ràdh ’Colaiste na h-Ealain Cheiltich, Druim na Drochaid, le sgoilear aig Àrd-sgoil Chair Chaladain’. Chaidh seo a stèidheachadh le George Bain gus cothrom a thoirt do dhaoine an eachdraidh fhèin agus na buaidhean Ceilteach orra a sgrùdadh.

Bha ùidh-mhòr aig Bain, a thogadh ann an Scrabster ann an Gallaibh, ann an clachan Cruithneach grinn, ann an làmh-sgrìobhainnean soillsichte tràth agus ann an obair-mheatailt sgeadaichte à Breatainn agus Èirinn. Rinn e dealbhan mionaideach de na dealbhaidhean agus chruthaich e dòigh stiùiridh gus daoine eile a chuideachadh gus an ath-chruthachadh tro shreath de cheumannan sìmplidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1919-1945
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 20cm x 5cm x 4cm

Associated Activity


Skip to content