Stethoscope an Dotair Gilbert
Ionad Dualchais Bhùra

Bha an Dr Robin Gilbert na dhotair teaghlaich ann am Brùra fad 11 bliadhna bho 1964 gu 1975. Sna làithean sin, bha dotairean-teaghlaich dùthchail na Gàidhealtachd rim faighinn 24 uair san latha, agus ann an cuid de shuidheachaidhean airson 365 latha sa bhliadhna. Bhiodh an Dr Gilbert uaireigin a’ faighinn gairm fòn ann am meadhan na h-oidhche agus dh’fheumadh e dràibheadh gu àite fad air falbh san sgìre aige gus dèiligeadh ri cùis èiginn slàinte, no gun rachadh iarraidh air cuideachadh a thoirt do dhotair ann an sgìre eile faisg air làimh.

Thug an Dr Gilbert na stuthan meidigeach aige do Chomann Dualchais Chlin ann an 2006, a’ gabhail a-steach an stethoscope seo.

Tha diosc meatailt air an stethoscope ùr-nodha aige ris an canar resonator, ceangailte ri tiùb. Bidh an tiùb seo a’ sgaradh na dhà leth gus an tèid na cinn a chur a-steach a chluasan an dotair. Tha an resonator ga chur ri no broilleach no druim an euslaintich agus faodaidh an dotair neo-riaghailteachd sam bith a lorg ann am buill-bhodhaig an euslaintich.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940-1960
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 57cm x 17cm

Associated Activity

Skip to content