Goireas Foghlaim George Bain - 'Spirals'
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Bha George Bain (1881-1968) na neach-ealain is neach-foghlaim a rugadh ann an Scrabster ann an Cataibh. Bha ùidh-mhòr aig Bain ann an clachan Cruithneach grinn, ann an làmh-sgrìobhainnean soillsichte tràth agus ann an obair-mheatailt sgeadaichte à Breatainn agus Èirinn. Rinn e dealbhan mionaideach de na dealbhaidhean agus chruthaich e dòigh stiùiridh gus daoine eile a chuideachadh gus an ath-chruthachadh tro shreath de cheumannan sìmplidh.

Is e seo aon de na h-eisimpleirean as tràithe de dh’obair teagaisg Sheòrais Bain, agus tha an dealbh toinnte seo a’ toirt mion-fhiosrachadh air na diofar ìrean ann a bhith a’ tarraing shnìomhain Ceilteach. Ged a tha e iom-fhillte, tha am pròiseas air a bhriseadh sìos ann an diofar ìrean, a’ sealltainn nan diofar àiteachan tòiseachaidh is crìochnachaidh a dh’fhaodar a chleachdadh gus farsaingeachd de shnìomhain a chruthachadh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1935
Stuthan: Inc air pàipear
Meudachd: 25cm x 32cm

Associated Activity

Skip to content