Gunna lasrach
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Rabhadh susbaint. Dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.  

Ged a bha e fada bho thìr-mòr na Roinn Eòrpa, bha cruthan-tìre agus uisgeachan na Gàidhealtachd gu bhith nam pàirtean cudromach san Dàrna Cogadh ann an grunn dhòighean iongantach agus uaireannan brònach.   

Eadar 1941 agus 1945, bhiodh Conbhoidhean Artaigeach a’ coinneachadh ann an Loch Iùbh. Bha na conbhoidhean ro-chudromach gus solaran riatanach a ghiùlan do na caidreabhachan Ruiseanach. Bheir an sgeulachd seo sealladh dhuinn air mar thug an cogadh buaidh air coimhearsnachdan Gàidhealach.  

Domhainn gu nàdarra, le àite inntrigidh cumhang a ghabhadh dìon bho bhàtaichean-aigeann an nàmhaid, bha an loch air leth freagarrach airson adhbharan an nèibhidh. Fhuaradh an daga lasrach seo bho long-bhriseadh aig bàta Liberty nan SA air an robh William H Welch. Gu mì-fhortanach, chaidh am bàta air na creagan air 26 Gearran 1944, agus e a’ feuchainn ri dhol a-steach do Loch Iùbh air an t-slighe à Lunnainn, mus ghabhadh e an ath cheum den turas aige thairis air a’ Chuain Siar a Tuath.   

Bha fìor dhroch shìde ron William H Welch air an oidhche sin, agus chaidh a chur air na creagan aig sgeir tuath air Eilean Furadh Mòr leis a’ ghaoith làidir agus leis na tonnan mòra.   

Loisg an sgioba lasraichean èiginn, a’ gabhail a-steach an daga seo, ach cha b’ urrainn dhan luchd-teasairginn an soitheach a ruighinn. Uile gu lèir, cha do mhair ach dusan fear bho sgioba de sheachdad ’s a ceithir. Thog fir agus boireannaich ionadail teine mòr gus an fheadhainn a thàinig air tìr beò a bhlàthachadh.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Meatailt
Meudachd:cm x 25cm

Associated Activity


Skip to content