Cuileag le Megan Boyd
Ionad Dualchais Bhùra

Tha a’ bhràiste bhrèagha seo air a dhèanamh à cuileag bhradain a chaidh a ‘cheangal’ le Megan Boyd.

Tha Megan Boyd ainmeil air a’ Ghàidhealtachd. Bho shuidheachadh gu math iriosal ann am Brùra, b’ i Megan an dreasair cuileagan bhradan as ainmeil san t-saoghal. Bha fèill mhòr air a h-obair am measg iasgairean a’ bhradain mar thoradh air cho sgileil ’s a bha i air cuileagan a cheangal agus tharraing i aire bho dhaoine beairteach, rìoghalachd nam measg.

Chaidh saothair eireachdail Megan air cuileagan aithneachadh ann an 1971 nuair a choisinn i Bonn Ìmpireachd Bhreatainn. Chaidh am film ‘Kiss the Water’ a dhèanamh cuideachd, stèidhichte air a beatha ann am Brùra.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1971
Stuthan: Meatailt, iteag
Meudachd: 8cm x 4cm x 1cm

Associated Activity


Skip to content