Masg gas do leanabh
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ann an 1938, thug riaghaltas Bhreatainn masgaichean gas dhan a h-uile duine air eagal ’s gun leigeadh na Gearmailtich bomaichean gas puinnseanta air Breatainn. Bhiodh daoine gan toirt leotha fad an latha.  

Chaidh am masg gas seo a dhealbhadh airson pàiste - bhiodh am pàiste a’ dol na bhroinn. Bhiodh aig an neach a bha ga thogail a bhith a’ pumpadh èadhar ùr a-steach. Ghabhadh an leanabh fhaicinn tron uinneig mhòir.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1938
Stuthan: Meatailt, aodach rubairichte, ceallalose
Meudachd: 35cm x 55cm

Associated Activity

Skip to content