Botal bhainne glainne
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

B’ e iad botail bhainne glainne an dòigh as cumanta air bainne a phacadh uair. Ann am meadhan nan 1900an, bha còrr is 300 tuathanas-bainne air feadh na Gàidhealtachd. Bhiodh mòran, mar JA Grant, a reic bainne anns na botail shuaicheanta aca fhèin, a bhiodh air a lìbhrigeadh do luchd-ceannach le fir-bainne.

Bha ainm an taigh-bainne air a’ pheantadh gu tric gus am faigheadh na botail-bhainne air ais dhan taigh-bainne às an tàinig iad gus an ghabhadh an glanadh agus ath-chleachdadh.

Tha an leubail 'tuberculin tested' air a’ bhotal. Tha a’ chaitheamh, ris an canar gu tric TB, na ghalar baicteiriach a dh’fhaodadh a bhith gu math cunnartach do dhaoine. Fhuaireadh a-mach aig deireadh nan 1800an gun gabhadh TB a sgaoileadh bho bhà tro bainne amh no ’unpasteurised’. Bha an leubail ag amas air misneachd a thoirt do luchd-ceannach gun deach am bainne a ghiollachd gus daoine a dhìon bhon chaitheimh.

San latha an-diugh, tha a’ mhòr-chuid de bhainne air a chur ann an cartanan còmhdaichte le plastaig, no ann am botail plastaig. Tha iad sin nas aotroime agus gu tric gabhaidh iad ath-chuairteachadh. Tha deasbad gu leòr ann aig an àm seo air dè na soithichean a nì an cron as lugha air an àrainneachd, agus gluasadan ann gus soithichean ùra a chruthachadh airson seo.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1947
Stuthan: Glainne
Meudachd: 8cm x 21.5cm

Associated Activity


Skip to content