Cluasag-tì ann an stoidhle Ealain Cheilteach Eilean Ì

Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Tha a’ chluasag-tì grèisichte seo na nì feumail làn-sgeadaichte a tha air a sgeadachadh le dealbhadh anns a bheil nathraichean is eòin eadar-cheangailte.

Thathar a’ creidsinn gur e obair Euphemia Ritchie (1856 – 1941) a tha seo. Chaidh Euphemia gu Sgoil Ealain Ghlaschu far an do choinnich i ri Alexander Ritchie. Phòs iad agus ghluais iad gu Eilean Ì far an do chruthaich iad am brannd dealbhaidh soirbheachail ’Iona Celtic Art’ còmhla.

Thug gluasad Ealain is Ciùird buaidh air an obair aca a bharrachd air dealbhaidhean Ceilteach, uaireannan a’ faighinn eileamaidean air iasad bho na clachan snaidhte a chaidh a lorg san eilean.

Tha an dealbhadh seo air anart uaine leis na nathraichean air an sealltainn ann an greimeannan gorm satain le oir-loidhne dhubh. Tha cinn nan eun air an ceangal le eadar-iallan dùbailte ann an satan òir. Gu mì-fhortanach, thar ùine chaidh an rud a shalachadh gu ìre agus chaill e cuid de a dhath.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1920-1940
Stuthan: Aodaich-lìn
Meudachd: 30cm

Associated Activities

 


Skip to content