Bogsa mheurain de Mhauclineware
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Thàinig Baile nan Granndach gu bhith na bhaile turasachd fasanta rè na Linn Bhictorianaich. Bha siubhal dhan Ghàidhealtachd furasta agus cofhurtail mar thoradh air na rathaidean-iarainn.

Bha Baile nan Granndach na àite a bha a’ còrdadh gu mòr ri daoine meadhan-chlas agus clas-uachdarach ri linn Bhictoria far am biodh iad a’ gabhail an adhair agus a’ gabhail pàirt air cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh. Chaidh am bogsa beag fiodha seo, a dhealbhadh gus meuran a chumail airson fuaigheal. Tha ìomhaigh de cheàrnag a’ bhaile air. Chaidh a dhealbhadh mar chuimhneachan a bhiodh luchd-turais a’ ceannach agus a’ toirt dhachaigh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1920s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 4cm x 5cm x 4cm

Associated Activity


Skip to content