Clach Chruithneach le pàtranan iuchrach
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn
Tha a’ chlach Chruithneach seo a’ toirt fiosrachadh cudromach dhuinn mu dhaoine 1000 gu 1500 bliadhna air ais. Chaidh grunn chlachan mòra mar seo a lorg air feadh ceann a tuath na h-Alba. Thug na Ròmanaich an t-ainm picti air na Cruithnich, a’ ciallachadh daoine air am peantadh agus thàinig an t-ainm Beurla air na Cruithnich - Picts - às a sin.
Chaidh a lorg fhad ’s a bha obair-càraidh ga dhèanamh air Eaglais Ros Maircnidh ann an 1735. Air a dèanamh le clach-ghainmhich, tha a’ chlach a’ sealltainn snaidheadh rilif le prìomh phàtranan, snìomhain agus pealaidean.
Associated Activity