Adharc camanachd
Ionad Dualchais Bhùra

Gus breith mac is oighre Mharcais agus Bana-mharcais Stafford a chomharrachadh, chaidh geam iomain a chluich eadar sgioba Chlìn agus sgioba à Goillspidh air 12 Faoilleach, 1829.

Chruinnich sluagh mòr gus an geama fhaicinn anns an robh sgiobaidhean de dh’fhichead fear air gach taobh. Às dèidh dà gheama ghaothach, bhuannaich Goillspidh aon gheama, agus bhuanaich Clìn am fear eile.

Chaidh am bogsa snaois adhairc rùta seo, le clàran airgid, air a sgeadachadh le criostalan a’ Mhonaidh Ruaidh, a thoirt do Mhàidsear Clìn à Cracaig le muinntir an àite airson a thaic agus a bhrosnachadh. Cha deach na rinn e an dà-riribh a chlàradh, ach gu cinnteach tha an adharc na cuimhneachan annasach air an latha.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1829
Stuthan: Adharc
Meudachd: 29cm x 22cm

Associated Activity

Skip to content