Seacaid a-muigh aig Slioch
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Fhuair a’ chompanaidh aodaich Slioch a h-ainm bho ainm Beurla na beinne Sleaghach – a’ toirt dhuinn beachd air an t-seòrsa aodaich a bhiodh i a’ dèanamh! Stèidhichte ann am Poll Iùbh, faisg air Geàrrloch, chaidh an gnìomhachas beag a stèidheachadh le Màiri is Seumas Bochanan ann an 1982. Aig aon àm, bhiodh iad a’ dèanamh aodach sònraichte do gach sgioba teasairginn ann an Alba.    

Bha fèill mhòr air seacaidean uisge-dìon Slioch agus bha iad ainmeil airson a bhith ‘dìonach bho bhomaichean’. Air an dèanamh ann an aonad factaraidh beag ann am Poll Iùbh, chaidh an reic ann am bùth timcheall an oisean air a’ phrìomh shràid – gnìomhachas beag air leth soirbheachail.  

Tha Sleaghach – a’ bheinn ri taobh Loch MoRuibhe ann an Taobh Siar Rois – faisg air mìle meatair a dh’àirde. Air a chuartachadh air trì taobhan le uisge, tha i na seasamh gu math àrd. Seo tè de na beanntan as aithnichte air a’ Ghàidhealtachd agus bithear a’ togail dhealbhan dhi gu tric. Tha mòran de bhagairean nan Rothach ga faicinn mar dhùbhlan sreapadaireachd!    

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1990s
Stuthan: Stuth-aodaich
Meudachd: 85cm x 55cm

Associated Activities



Skip to content