Botail uisge cloiche
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Chaidh bòtailean uisge teth cloiche a chleachdadh fad linntean mar dhòigh air an leabaidh a theasachadh agus fiù ’s gus cràdh a lùghdachadh, gu tric air am pasgadh ann an clobht. Tha iad rim faicinn sna cruineachaidhean eachdraidh shòisealta sa mhòr-chuid de thaighean-tasgaidh mar thoradh air cho cumanta ’s a bha iad! Mura robh teasachadh meadhanach no central heating ri fhaighinn, cha bhiodh teasachadh sam bith ann an seòmraichean leaba - cha bhiodh seòmar sam bith blàth ach a-mhàin seòmraichean mar an cidsin.

Chaidh am botal uisge teth crèadhadaireachd traidiseanta seo a dhèanamh le Langleyware ann an Sasainn, agus bha e le cuideigin a bha a’ fuireach ann an Ulapul.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900s
Stuthan: Criadhadaireachd
Meudachd: 25cm x 10cm

Associated Activity


Skip to content