Clach ghlainnichte à Dùn Lagaidh
Taigh-tasgaidh Ulapuil

’S dòcha nach eil coltas sònraichte air a’ phìos bheag creige seo, ach ’s ann à dùn Dhùn Lagaidh a tha e.  

Timcheall air an dara linn deug, chaidh Dùn Lagaidh ath-neartachadh bho dhaingneach sìmplidh fiodha gu Dùn cloiche. Tha e coltach gun deach Dùn Lagaidh a thogail le glainneachadh, anns a bheil dà chloich air an co-leaghadh le teas mòr. 

Bha a’ mhòr-chuid de Dhùin suidhichte aig mullach cnuic agus tha seo fìor a thaobh Dùn Lagaidh a tha air mullach cnoc ugh-chruthach creagach. Bha suidheachadh mar sin a’ toirt cumhachd do dhùin mar seo oir bha iad furasta dìon sna meadhan-aoisean. Bhiodh pàirtean lag de na dùin air an daingneachadh le sreathan a bharrachd de bhallachan air an glainneachadh.  

Bhiodh cleachdadh glainneachadh ann a bhith a’ togail an dùin seo, cleachdadh a chaidh a chleachdadh aig grunn chaistealan Albannach, air tòrr cosgais a sheachnadh ann a bhith a’ ceannach is a’ giùlan a’ mhortair a bhiodh a dhìth mur a b’ e seo. An àite sin, chaidh na clachan a leaghadh ri chèile tro theintean mòra gus an teas àrd a bha a dhìth a chruthachadh. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1100s
Stuthan: Clach
Meudachd: 6cm

Associated Activity

Skip to content