Claidheamh le ceann sgeadaichte
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
Bhuineadh an claidheamh sgeadachaidh neo-àbhaisteach seo do Theàrlach MacArtair a bha na Oifigear pàirt-ùine aig Saor-thoilich Siorrachd Inbhir Narann gu 1808.
’S e claidheamh Pàtran 1822 aig Oifigear nan Saighdearan-coise Aotrom a th’ anns a’ chlaidheamh seo. Chaidh bàraichean lùbte an dùirn-chur agus a’ gheàird a dhealbhadh gus a bhith coltach ri ailtireachd Gothic. Mar bhall-airm sgeadaichte, bhathar den bheachd sa chumantas nach robh e ach meadhanach mar chlaidheamh sabaid.
Fiù ’s mar shaor-thoileach, rinn MacArtair seirbheis thall thairis aig àm Cogadh an Rubha san Spàinn agus ann am Portagal, pàirt de na Cogaidhean Napoleonach tràth san naoidheamh linn deug. Seo nuair a bha Napoleon a’ leudachadh ìmpireachd na Frainge air feadh na Roinn Eòrpa.