Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Gearastan Dheòrsa, Àird nan Saor

Tadhail oirnn aig Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
(Cruinneachadh Rèisimeid Gàidheil na Bànrighinn) aig a bheil 5 rionnagan.
Bogaich thu fhèin san eachdraidh bheairteach agus eadar-mheasgte againn, a’ leantainn ceuman an t-saighdeir Ghàidhealaich bho dìreach às dèidh Blàr Chùil Lodair chun an latha an-diugh. ’ S e ar Cruinneachadh, a tha Cudromach gu Nàiseanta, an cruinneachadh as motha de stuthan armachd taobh a-muigh Dhùn Èideann, a’ taisbeanadh eachdraidh nan Rèisimeidean Gàidhealach agus a’ gabhail a-steach cruthan de nithean agus stuthan tasglainn bho na Sìophortaich, Camshronaich na Banrigh, Rèiseamaid Gàidheil na Banrigh, Rèiseamaid nan Gàidheal agus bho chionn ghoirid, an 4mh Buidheann-chatha aig Rèisimeid Rìoghail na h-Alba (4 SCOTS).

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh!

Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Gearastan Dheòrsa, Àird nan Saor, Inbhir Nis, IV2 7TD Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content