Ad na Sàbaid
Taigh-cùirte Chrombaigh
Chan eil e cumanta a bhith a’ caitheamh ad airson a dhol dhan eaglais san latha an-diugh. Bha an ad seo leis a' Bh-ph. Hogg à Cromba agus tha e soilleir gun robh e sònraichte dhith leis gur e "ad na Sàbaid" a bh’ aice oirre.
Bha adan Sàbaid, mar aodach Sàbaid eile, air an cumail airson suidheachaidhean sònraichte. Bhiodh a h-uile pàirt den choimhearsnachd a’ tighinn còmhla airson seirbheisean eaglais agus bhiodh cuideam mòr ann bho dhaoine eile gus aodach spaideil a bhith orra airson seo. Bha an ad spaideil seo bho deireadh na linn Bhictòrianaich, ceangailte fon smiogaid le rioban fada. Is dòcha gun gabhadh na sgeadachaidhean dathte a bharrachd a thoirt air falbh no atharrachadh.
Tha a bhith a’ còmhdachadh a’ chinn san eaglais stèidhichte air a’ Bhìoball. Ann an litir gu na Corintianaich, chuir an Naomh Pòl ìmpidh air boireannaich an cinn a chòmhdach aig àm adhraidh gus urram a thoirt do Dhia.
Associated Activity