Taigh-cùirte Chrombaigh

Cromba, Siorrachd Rois

Thig a-steach tro dhoras an Taigh-cùirte ghrinn seo bhon ochdamh linn deug agus faigh a-mach mu cheartas cruaidh na Gàidhealtachd aig an àm; tadhail air prìosanach, agus gabh pàirt ann an cùis-lagha. Tha an Taigh-cùirte na dhachaigh do thaigh-tasgaidh Chrombaigh agus paraiste Ruigh Sholais faisg air làimh. Tha na cruinneachaidhean, na taisbeanaidhean agus an sòn ionnsachaidh aige a’ toirt sealladh iongantach dhuinn air an sgìre shònraichte seo de dh’Alba san àm a dh’fhalbh, san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Bho chionn ghoirid tha sinn air seallaidhean-fuaim a chur a-steach ann an diofar àiteachan san taigh-tasgaidh gus am faigh luchd-tadhail tuigse nas fheàrr air beatha ann an taigh-cùirte agus prìosan san 18mh linn. Faigh tlachd às a’ ghàrradh coimhearsnachd agus an ubhal-ghort againn cuideachd.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh! Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

 

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Sràid na h-Eaglais, Cromba IV11 8XA : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content