Clogaid stàilinn uaine
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
Tha a’ chlogaid seo ag innse dhuinn mu na thachair do dh’aon duine a chaidh a ghlacadh leis na Nàsaich san Dàrna Cogadh.
Bhuineadh e do shaighdear às an 51mh Roinn Ghàidhealach. Ghabh an rèisimeid seo pàirt ann an ionnsaigh Dunkirk aig àm an Dàrna Cogaidh ach chaidh an dealachadh bhon chòrr de na feachdan a bha an sàs ann. Gun chothrom air sàbhaladh, air an cuairteachadh agus gann de armachd, b’ fheudar dhaibh gèilleadh. Chaidh còrr air deich mìle ball den roinn a thoirt nam prìosanach air 11 Ògmhios, 1940.
Bha an neach leis an robh a’ chlogaid seo am measg nan ceudan de dhaoine bhon 51mh Roinn Ghàidhealach a chaidh a chur gu campa ris an canar St Valery en Caux. Bhiodh cuibhreannan gu math beag aige agus bhiodh aige ri obair fìor chruaidh a dhèanamh. An-diugh, tha an treas Co-chruinneachadh Geneva a’ toirt dìon do Phrìosanaich Cogaidh.
Chaidh a’ chlogaid a thilleadh a dh’Alba ann an 1986 le Meàr St Valery-en-Caux ann an 1986 a thug do Thaigh-tasgaidh nan Gàidheal e.
Chaidh clogaidean stàilinn a thoirt a-steach an toiseach aig àm a’ Chogaidh Mhòir an àite aodach-cinn, mar thoradh air an àireamh de leòntan marbhtach a bh’ ann.
Associated Activities
A’ Cnuasachadh
Memorialising… James Ingram, a soldier who overcame adversity.