Ròpa-sgiobaidh air a dhèanamh de bhobain
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd
Chaidh an ròpa-sgiobaidh inntinneach seo a dhèanamh de bhobain!
Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha tòrr nas lugha de dhèideagan aig clann na aig clann an latha an-diugh. Dh’adhbharaich toiseach a’ Chogadh Mhòir gainnead dhèideagan oir bha feum air factaraidhean, stuthan agus saothair airson iomairt a’ chogaidh.
Dh'fheumadh mòran dhèideagan a bhith air an dèanamh le stuthan a bha ri làimh. Chaidh stuthan sìmplidh leithid fiodh, ròpa agus stuthan dachaigheil làitheil a chleachdadh gu math tric.
![](https://museumofthehighlands.org/wp-content/uploads/2023/04/1993.021_02-scaled.jpg)
Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 1850-1950
Stuthan: Fiodh, ròp
Meudachd: 20cm x 20cm x 10cm
Associated Activities