Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Srath Pheofhair, Siorrachd Rois

Tha Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd suidhichte san t-Seann Stèisean Rèile Bhictòrianach ann am baile spà Shrath Pheofhair.

Tha cruinneachaidhean an taigh-tasgaidh gu ìre mhòr stèidhichte air leanabachd (chaidh a chur air bhonn an toiseach airson cruinneachadh doileagan aig Angela Kellie, tè às an sgìre) agus tha e a’ gabhail a-steach dèideagan is geamannan, aodach is stuth-aodaich, stuthan foghlaim, dealbhan-camara, leabhraichean agus nithean nas motha leithid pramaichean is creithlean. Tha sinn cuideachd a’ cruinneachadh rudan co-cheangailte ri eachdraidh ionadail Shrath Pheofhair agus an stèisean rèile a-nis.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh! Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Seann Stèisean Bhictòrianach, Srath Pheofhair IV14 9DH : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content