Pìos tughaidh a rinneadh de mhuran
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

B’e pìos tughaidh a chaidh a thoirt à taigh ann am baile an iasgaich a bh’ anns a’ phìos triantanach seo de mhuran. Chaidh a thoirt seachad le Mgr Iain Mac an Tòisich bho Bhùth Baile Chaladair ann an 2004.   

Bha muran ga chleachdadh gu tric mar tugadh air taighean ann an Inbhir Narann agus baile nan iasgairean. Chaidh mòran den mhuran a spìonadh às na dùintean faisg air Bàr Inbhir Èireann airson tughadh.   

Chuir a’ gnìomhachd seo ri gluasad gainmhich. Às dèidh stoirm ghainmhich ann an 1694, chaidh grunn thogalaichean a’ gabhail a-steach tuathanasan ionadail agus Oighreachd Chinn Àird a thìodhlacadh fon ghainmhich. Tha mòran uirsgeulan agus sgeulachdan taibhse ionadail co-cheangailte ris an stoirm mhòr. 

Lean a bhith a’ cruinneachadh muran airson tughadh airson grunn bhliadhnaichean. Anns na 1920an, bha Coimisean na Coilltearachd a’ feuchainn ris na dùintean aig Bàr Inbhir Èirinn a dhèanamh seasmhach le bhith a’ cur chraobhan giuthais.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1880-1890
Stuthan: Feur
Meudachd: 16cm x 12.5cm

Associated Activities


A’ Cnuasachadh

Memorialising… The Lost Community of Culbin

 

 

Skip to content