Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Inbhir Narann, A’ Ghàidhealtachd

Suidhichte ann an Taigh Viewfield, tha Taigh-tasgaidh Inbhir Narann a’ toirt sealladh iongantach do luchd-tadhail agus muinntir an àite air beatha agus eachdraidh a’ bhaile agus na sgìre mun cuairt thar nan linntean. Tha taghadh farsaing de thaisbeanaidhean maireannach ann le diofar thaobhan de dh’eachdraidh Inbhir Narann a bharrachd air cruinneachadh mòr de stuthan tasglainn. Gach bliadhna tha prògram sònraichte de thaisbeanaidhean sealach ann cuideachd.

Tha an Taigh-tasgaidh gu sònraichte a’ cur fàilte air clann, a’ tabhann raon de thaisbeanaidhean togail-is-suathaidh agus àite cluiche sàbhailte.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh!

Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Inbhir Narann IV12 4EE : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content