Fosail ammonite
Ionad Bailtean na Mara

Tha fosailean ammonite air leth feumail do gheòlaichean leis gun tàinig gnè-fhàs air cho luath. Tha seo a’ ciallachadh gun robh beatha ghoirid agus soilleir aig gach gnè eadar-dhealaichte, rud a tha a’ toirt dhuinn fiosrachadh cudromach mun strata (sreath de chreig) anns an deach an lorg.  

Mar as trice tha iad air an sealltainn bun os cionn. Bhiodh beul seòmar an ammonite air a mhullach. Tha ammonites nan gnè dàimheach tràth dè chreutairean nautilus a tha beò an-diugh.   

Tha loidhne-sgàinidh Dìurasach air cladach Bhaile an Todhair agus mar thoradh air seo, chaidh grunn fhosailean Jurassic a lorg san sgìre seo, a' gabhail a-steach iomadach belemnitean agus beagan de ammonitean. 'S e seo aon de glè bheag de dh'àiteachan far a bheil creag Diùrasach am follais ann an Alba agus gu sònraichte ann an ear-thuath na dùthcha.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 150,000,000 BCE
Stuthan: Clach
Meudachd: 15cm x 5cm

Associated Activity

Skip to content