Ionad Bailtean na Mara

Baile Dhubhthaich, Siorrachd Rois

Tha tasglann sgoinneil de dh’eachdraidh shòisealta, ionadail aig Ionad Bailtean na Mara agus tha iad cuideachd a’ coimhead às dèidh Ionad Luchd-tadhail John Ross. An sin chì thu taisbeanadh mìneachaidh drùidhteach air beatha agus obair a’ mhiseanaraidh John Ross. Tha ceanglaichean làidir aig an sgìre ri Coirèa air sgàth a ceanglaichean ri John Ross, a rugadh ann an Ràth Riachaidh, Taobh-siar Rois, a dh’eadar-theangaich Tiomnadh Nuadh a’ Bhìobaill gu Coirèanais ann an 1887.

Tha bonn Clach Baile a’ Chnuic Chatbol cuideachd ri fhaicinn san aonad (tha bàrr na cloiche ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba) – nì Cruithneach cudromach agus àlainn. Thèid nithean eachdraidheil ionadail eile a chur ris a’ chruinneachadh ùr seo mean air mhean.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh! Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Sràid an Ear, Baile an Todhair, Baile Dhubhthaich IV20 : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content