Seata analachaidh
Ionad Eòlas Thairbeart

Rugadh an Dr John Pyle, ris an canar Jack, ann am Port MoCholmaig ann an 1895, am pàiste bu shine aig dotair a’ bhaile.  

Coltach ri athair, rinn e dotaireachd cuideachd. Aig àm a’ Chogaidh Mhòr, bha e a’ sabaid le Saighdearan-coise Aotrom na Gàidhealtachd, ach chaidh e a-steach do Bhuidheann Meidigeach an Airm Rìoghail san Dàrna Cogadh. Còmhla ri a bhean, an Dr Dorothy NicFhraing, thug iad seachad còrr is 60 bliadhna de sheirbheis mheidigeach do mhuinntir an Tairbeirt.   

Bha an seata analachaidh seo le Jack. Bhiodh an steallaire agus na tiùban air an cleachdadh gus lionntan a tharraing bhon bhodhaig, le diofar shnàthadan airson diofar phàirtean den bhodhaig. Chaidh seataichean analachaidh a chleachdadh nas lugha mar thoradh air dòighean-obrach lannsaireachd nas fheàrr. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1945-1955
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 45cm x 18cm

Associated Activities


Skip to content