Ionad Eòlas Thairbeart

Port MoCholmaig, Baile Dhubhthaich

’S e togalach air leth a th’ ann an Ionad Eòlas Thairbeirt le sgeulachd fìor inntinneach suidhichte ann an àite brèagha. Tha e a’ toirt dhuinn sealladh neo-àbhaisteach air saoghal an ionaid chràbhaich Chruithnich chudromaich seo a shoirbhich an seo fad timcheall air 300 bliadhna bho dheireadh an t-6mh linn air adhart.

Am measg nan taisbeanaidhean aige tha; ‘an taigh-ulaidh’, far a bheil taisbeanadh air leth math de ghràbhalaidhean Cruithneach agus tasgaidh airgid nan Lochlannach; An Rèilig, seann àite naomh le bogha-bharaille; còmhla ri taisbeanaidhean caochlaideach, bùth agus àite gnìomhachd.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh!

Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Rathad Rubha an Tairbeirt, Port MoCholmaig, Baile Dhubhthaich IV20 1YA : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content