Bucall crios agus putan
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Tha na rudan àbhaisteach seo gu math sònraichte air sgàth gur ann le Sanndaidh Dòmhnallach a bha iad uair, fear de thriùir fhear a rinn teicheadh dàna agus cunnartach às an Fhraing ann an 1940 nuair a bha i fo smachd na Gearmailtich ann an 1940.   

Ghabh iad turas gu math cunnartach gus nach biodh iad air an toirt do champa prìosanaich cogaidh. Chùm iad beò air an t-slighe tron Fhraing agus thairis air na beanntan Pyrénées a-steach dhan Spàinn, gu tric a’ trusadh biadh no a’ sealg choineanaich.  

Tha facail-suaicheantais na Rìoghachd Aonaichte, ‘Dieu et mon droit’ air bucall crios Arm Bhreatainn – a’ ciallachadh Dia is mo chòir.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Associated Activities

Skip to content