Bìocair bho Linn an Umha
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Rinneadh an nì sònraichte seo ann an Linn an Umha a’ dol, bho Àm nan Bìocair, timcheall air 4,000 bliadhna air ais. Fhuair an linn seo ainm bho na bìocairean sònraichte a chaidh a lorg bhon àm seo. Chaidh am fear seo a lorg ann an cnoc greabhail os cionn Taigh-òsta Loch Abar Ìochdarach anns a’ Chorran, faisg air a’ Ghearasdan, sa gheamhradh 1889.
Bha leasachadh mòr ann an arc-eòlais mar chuspair san linn Bhictorianach. Thòisich arc-eòlaichean air trubhalan a chleachdadh agus b’ urrainn dhaibh an ceann-latha obrachadh a-mach air làraich a’ cleachdadh stratagrafaidheachd.
Bha arc-eòlaichean air mothachadh, aon uair ’s gun robh iad air an cladhach, gum biodh nithean a’ tuiteam às a’ chèile fhad ’s a bha iad a’ tiormachadh. Gus nach tachradh seo, chaidh a bhogadh ann an uisge gus nach tigeadh e às a chèile. Gu mì-fhortanach, tuit e às a chèile san uisge agus b’ fheudar Taigh-tasgaidh Nàiseanta Àrsaidheachd na h-Alba ath-thogail gu faiceallach. Chaidh obair-càraidh a dhèanamh le plastair Paris.
Associated Activity