Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

An Gearasdan

Suidhichte air an Àrd-shràid ann am meadhan baile eachdraidheil a’ Ghearasdain, tha cruinneachaidhean Taigh-tasgaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd ag innse sgeulachd na sgìre agus a h-eachdraidh.

Tha an cruinneachadh as cliùitiche agus as annasaiche againn a’ buntainn ris a’ Phrionnsa Teàrlach agus strì nan Seumasach. Ach tha beairteas de chruinneachaidhean annasach is inntinneach againn cuideachd a tha a’ buntainn ri taobhan nach eil cho aithnichte de bheatha muinntir Taobh Siar na Gàidhealtachd, bho bhuaidh cogaidhean poilitigeach, gu buaidh eaconamach turasachd san sgìre, agus mar a thàining gnìomhachas agus an nua-linn chun na sgìre.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh! Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Ceàrnag Chamshron, An Gearasdan PH33 6AJ : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content