Dùdach a chaidh a chleachdadh gus ionnsaigh Tel-El-Kebir a ghairm

Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Chaidh an dùdachan a chleachdadh leis an arm gu tric tro eachdraidh.
Bhuineadh am fear seo ris an Drumair Iain Alcorn aig Camshronaich na Banrigh. Bhiodh e air a bhith ro-chudromach aig amannan cogaidh, a’ cuideachadh le conaltradh agus ag aonachadh nan saighdearan gus a bhith ag obair còmhla.

A dh’aindeoin ’s gur e inneal pràis gu math sìmplidh a th’ ann, dh’fhaodadh smachd a chumail air gleus na dùdaige leis a’ bheul (instead of valves). As well as traditionally marking out (an àite bhalbhaichean). A bharrachd air a bhith a’ comharrachadh pàirtean den latha agus cleachdaidhean làitheil gu traidiseanta bha dùdagan feumail airson òrdughan a chomharrachadh ann am blàr mus deach dòighean eile air conaltradh làraich a chruthachadh.

A’ cleachdadh na dùdaige seo, ghairm Iain Alcorn toiseach na h-ionnsaigh do Bhràgaid nan Gàidheal aig Blàr Tel-el-Kebir ann an 1882. B’ ann tron chòmhstri seo a rinn feachdan Bhreatainn eadar-theachd ann an cùisean Èipheiteach agus tha sinn a-nis a’ faicinn seo mar oidhirp air ùidh Bhreatainn ann an Canàl Suez a dhèanamh tèarainte.

Dhan rèisimeid, dh’fhaodadh gu bheil an ionnstramaid seo na samhla air
soirbheachas armailteach ach do na h-Èiphitich tha e nas dualtaiche a bhith a’ comharrachadh call neo-eisimeileachd agus toiseach ùine colonachd de 71-bliadhna.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1882
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 30cm x 18cm

Associated Activities


 

Skip to content