Chaidh an crann àrd, lùbte seo a dhealbhadh airson a chleachdadh air talamh cruaidh na Gàidhealtachd. Ghabhadh neart a bharrachd a chur ann leis a’ chas, a’ toirt an lann treabhaidh aig a’ bhonn a-steach gu talamh creagach no neo-chòmhnard.

Gu math tric bha talamh croite bochd agus dh’fhaodadh treabhadh cuideachadh le bhith a’ leasachadh càileachd na h-ùir, a’ gabhail a-steach a bhith ga èadharachadh. fiannegan – Bhiodh a’ chas-chrom air a chleachdadh cuideachd gus feannagan a chruthachadh far an robh dà shreath de sgrathan air muin a’ chèile, uaireannan le feamainn eatorra a chionn ’s gun robh an sgràth cho tana.

Uaireannan, bhiodh croitean slàn air an treabhadh a’ cleachdadh cas-chrom far nach robh eich rim faighinn agus ’s e obair chruaidh a bhiodh ann, a’ toirt iomadh mìos.

After ploughing, the field would be raked and planted, often with potatoes, carrots, turnips or oats. Potatoes tended to use less land than cereals for greater return and featured heavily in Highland diets.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 63cm x 30cm

Associated Activities


Skip to content