Masg gas aig sìobhaltach
Taigh-cùirte Chrombaigh

B’ e seo fear de na pìosan uidheamachd as suaicheanta a bh’ aig Fronta a’ Bhaile aig àm an Dàrna Cogaidh. Chaidh an toirt dhan a h-uile sìobhaltach leis an riaghaltas, air an dealbhadh gus an sluagh a dhìon nan robh ionnsaighean gas ann. Bha e mar dhleastanas laghail air sìobhaltaich an analaichean a bhith ri làimh fad na h-ùine.   

Bha am masg gu math bunaiteach - chaidh an anail a tharraing tron chriathrag agus a chur a-mach à taobhan na masg. Gu mì-fhortanach, tha fios againn a-nis gun robh ‘asbestos gorm’ anns na criathragan bhon àm seo. Bha ro-shìoladh arsenic gu math puinnseanta aig cuid cuideachd. Ged nach do thachair na h-ionnsaighean ceimigeach agus bith-eòlasach Nàsach ris an robhar an dùil a-riamh air tìr-mòr Bhreatainn, bhiodh mòran dhaoine air ionnsachadh mar a chleachdadh iad na masgaichean gu ceart.  

B’ ann le Mairead Reid à Braehead, Cromba, a bha seo agus tha a h-ainm agus a seòladh air a’ bhogsa.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1939
Stuthan: Rubair le duilleag plastaig
Meudachd: 15cm x 15cm

Associated Activity


Skip to content