Sgian sabaid commando

Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Mar as trice, ’s e am ’first pattern’ a chanar ris an sgithinn shuaicheanta seo. Chaidh a dhealbhadh le William Fairbairn agus Eric Sykes ann an 1940 mar fhreagairt air suidheachadh an Dàrna Cogaidh. Chaidh uallach a thoirt dhan dithis gus na feachdan sònraichte a chaidh a chruthachadh bho chionn ghoirid a thrèanadh ann an ‘cogadh neo-ghnàthach’. Bha seo a’ gabhail a-steach nan commandothan ann an Loch Abar agus fir speisealta a chaidh a thaghadh airson na Buidhne Gnìomh Sònraichte (Special Operations Executive - SOE).

Rinn Wilkinson Sword na sgeinean sabaid a bha air an cleachdadh airson dlùth-shabaid le Commandothan Bhreatainn agus feachdan sònraichte a’ Chaidreachais.

Chaidh dòighean gus am ball-armachd seo a chleachdadh gu h-èifeachdach a theagasg aig ionadan-trèanaidh na Gàidhealtachd a’ gabhail a-steach Ionad Trèanaidh Sònraichte Loch Ailleart agus Achadh na Cairidh, Ionad Trèanaidh Bunaiteach nan Commandothan bho 1942-1945. Ged is e nì basmhor a tha seo a rinneadh gus daoine a mharbhadh, tha e cudromach gus tuigse a thoirt dhuinn air cho dona ’s a bha an suidheachadh do na daoine a bha ag obair gus crìoch a chur air cogadh san Roinn Eòrpa.

Chaidh a’ bhiodag seo a shàbhaladh bho sgrios às dèidh dha a bhith air a thoirt dha na poilis ann am Fìobha mar phàirt de mhathanas-coitcheann sgeinean. Gu fortanach, dh’aithnich oifigear poilis cho cudromach ’s a bha e gu h-eachdraidheil.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Comhdaichte le niceal
Meudachd: 17.5cm

Associated Activity

A’ Cnuasachadh

Memorialising… The Commandos

 

 

Skip to content