'Corrag' le Susan Fletcher
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann
Tha ‘Corrag’, ris an canar cuideachd ‘Witch Light’, na nobhail chudromach a tha suidhichte ann an Gleann Comhann. Tha an lethbhreac seo air a shoidhnigeadh leis an ùghdar, Susan Fletcher, a bha a’ fuireach sa bhaile fad grunn bhliadhnaichean fhad ’s a bha i ga rannsachadh agus ga sgrìobhadh.
Tha an nobhail stèidhichte air caractar à beul-aithris ionadail Corrag, 'bana-buidseach' a rinn fàisneachd air Murt Ghleann Comhann.
Bidh obair Susan Fletcher gu tric a’ sgrùdadh charactaran boireann agus tha ùidh mhòr aice ann an àite boireannaich air iomall thachartasan eachdraidheil, mar a tha fìor san leabhar seo. Choisinn i Duais Ciad Nobhail Whitbread 2004, duais Club nan Ùghdar agus Duais Betty Trask airson a’ chiad nobhail aice, ‘Eve Green’.