Bat criogaid
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann
Tha am bat criogaid ‘‘ Classic Super ’’ seo air a dhèanamh le seileach agus chaidh a dhèanamh rè linn Bhictòria. Tha fiodh seileich dlùth le snàithleach teann, a tha ga dhèanamh làidir.
Bha criogaid air aon de na spòrsan as mòr-chòrdte aig an àm seo, còmhla ri rèisean eich agus ball-coise. Bha barrachd tìde shaor aig daoine mheadhan-chlasach agus chuir seo ri fàs an spòirs.
Bha an sgioba cuideachd air fhaicinn mar dhòigh gus obair-sgioba agus smachd a bhrosnachadh am measg luchd-obrach.
Tha leubail a’ bhat ag ràdh: ‘’Superlative in quality, style and finish, made in Pakistan’’. Tha seo a’ sealltainn buaidh cultar Bhreatainn aig àm a’ choloinidh anns na h-Innseachan ron sgaradh.
Bhiodh am bat air a dhèanamh le làimh.
Associated Activity