A’ phìob aig Dòmhnall Sutharlanach
Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Bha a’ phìob neo-àbhaisteach seo aig Dòmhnall Sutharlanach, cìobair, lùth-chleasaiche agus pìobaire tàlantach. Fhuair an Sutharlanach, a bha à Raoghard, buannachd bho bhith na phàirt de choimhearsnachd làidir de phìobairean a thug brosnachadh do chàch a chèile.   

Dh’fhàg e a’ Ghàidhealtachd agus shiubhail an Sutharlanach gu Peru, Argentina, na SA agus Astràilia. Ann an Ameireagaidh, am measg cho-eilthirich Albannach eile, dh’ionnsaich e mar a dhèante pìoban. A bharrachd air a bhith cluich, bha an Sutharlanach cuideachd a’ sgrìobhadh agus a’ cruinneachadh ceòl na pìoba.  

Gu neo-àbhaisteach, chaidh a’ phìob seo a dhealbhadh a-mach à pàirtean de sheann charbad aig 'trailblazer' a chaidh gu Oregon le luchd-tuineachaidh san linn roimhe air an t-slighe fad 2170 mìle bho Abhainn Missouri. Chaidh còmhdach teanga a’ charbaid a chleachdadh airson stuth-aodaich na pìoba, ach bha chaidh uidheam daraich is umha a chleachdadh sa phìob cuideachd.

Nuair a chaochail Dòmhnall, chaidh a’ phìob gu mac a pheathar ann an Raoghard.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1920s
Stuthan: Fiodh, pràis
Meudachd: 27cm x 16cm x 27cm

Associated Activities


A’ Cnuasachadh

Memorialising… Neil Gunn

 

 

Skip to content