Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair
Bettyhill, Cataibh
Tha Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair ann an cridhe Dùthaich MhicAoidh far a bheil daoine air a bhith a’ fuireach fad còrr is 8,000 bliadhna! Suidhichte ann an seann eaglais paraiste Chaluim Cille, tha e na mhòr-ulaidh de nithean annasach, sgeulachdan tarraingeach agus cuimhneachain iongantach aig Clann MhicAoidh.
Tha latha ann an Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair na thuras tro eachdraidh Shrath Nabhair, bho thoiseach Chlann MhicAoidh gu mòr-bhròn nam Fuadaichean.
Tursan Sgoile
Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.
Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.
Tursan Bhiortail
Ro fhada air falbh airson tadhal?
A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?
Na gabh dragh!
Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.
Tursan teaghlaich
Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.
Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.
Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach
Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh
Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:
Far a bheil sinn
Clachan, Am Blàran Odhar KW14 7SS : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)