Pronnadair buntàta mòr
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar
Bha am pronnadair buntàta mòr seo air a dhèanamh à siolandair fiodha falamh na bhroinn, le bogadair aig aon cheann.
Tha a mheud a’ sealltainn gun ghabhadh a chleachdadh gus tòrr bhuntàta a phronnadh. Tha buntàta air a bhith aig cridhe daithead na Gàidhealtachd bho chionn fhada, gu tric air fhàs le teaghlaichean croitearachd.
Gu mì-fhortanach, dh’adhbharaich an eisimeileachd seo air a’ bhuntàta goirt às dèidh do ghrunn fhogharan bho 1846 a bhith air an sgrios le gaiseadh.
Chaidh a thoirt dhan taigh-tasgaidh ann an 1926.
Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 1890s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 60cm
Associated Activities