Pìob nan Sìthichean
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Thathar a’ creidsinn gu bheil pìob Sìthichean Cheann Loch Mhùideart còrr is ochd ceud bliadhna a dh’aois, tè dhe na pìoban as sine a th’ ann.    

Tha sgeulachd ann gun do rinn pìobair Clann Mhic an t-Saoir a’ phìob às dèidh bruadair a bhith aige anns an do dh’iarr sìthiche air an clobha aige a theasachadh airson a bhith craos-geal agus an uair sin a chleachdadh gus bonn an fheadain aige a tholladh, bho thaobh gu taobh. A rèir an t-sìthiche, dhèanadh a’ phìob an fhuaim a bu bhinne an Alba.   

Thathar ag ràdh gun deach a’ phìob a chluich aig Blàr Allt a’ Bhonnaich ann an 1314 le Mac an t-Saoir, pìobaire Chlann Raghnaill. A rèir coltais, bha i draoidheil, is cha deach a cluich riamh leis an taobh a chaill am blàr.   

Bhon ionnsramaid thùsail, ’s e dìreach am feadan a tha air fhàgail; chaidh a’ phìob-sèididh, an dos, agus am màla breacain a chur ris nas fhaide air adhart. Chaidh clàr airgid gràbhalaichte a chur ris an dos cuideachd mar chuimhneachan air cho cudromach ’s a tha a’ phìob. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1200s
Stuthan: Fiodh, clòimh, airgead
Meudachd: 58cm x 59cm

Associated Activity

Skip to content