A’ chiad eagran de Morning Tide, le Neil Gunn

Taigh-tasgaidh Dualchais Dhùn Bheathadh

B’ e Neil Gunn fear de na sgrìobhadairean ficsean Albannach a bu chudromaiche tràth san fhicheadamh linn. Tha an obair aige a’ coimhead air beatha na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach na buaidh a bh’ aig Fuadaichean nan Gàidheal air coimhearsnachdan. Fhuair e an duais chliùiteach Duais Cuimhneachaidh Sheumais Tait Black ann an 1937 airson Highland River ..

B’ e Morning Tide, an darna nobhail aig Neil Gunn ’S e sgeulachd mu bhith a’ thighinn gu ìre a th’ ann, a tha suidhichte ann am baile iasgaich ann an Gallaibh, le cuid de na suidheachaidhean agus na tachartasan stèidhichte gu ìre air òige an ùghdair fhèin.

Tron nobhail, tha sinn a’ leantainn Ùisdean MacBheatha, a tha dusan bliadhna a dh’aois, agus e a’ fàs agus ag ionnsachadh, suidhichte ann an co-theacs beatha às dèidh nam Fuadaichean. Tha Ùisdean ag ionnsachadh mar a nì e poidseadh, a’ cluinntinn òrain thraidiseanta na sgìre, agus a’ faicinn mar a tha eagal air a mhàthar gun cailleadh i a teaghlach ri gnìomhachas cunnartach an iasgaich, agus gum b’ fheàrr leatha an call tro eilthireachd seach iasgach. Mean air mhean, tha Ùisdean a’ tuigsinn gu bheil a theaghlach gan sgaradh bho chèile mar thoradh air dòigh-beatha na Gàidhealtachd a bhith ga call.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1931
Stuthan: Pàipear
Meudachd: 15cm x 25cm

Associated Activity

A’ Cnuasachadh

Memorialising… Children who experienced brutality at school

 

 

Skip to content