Taigh-tasgaidh Dualchais Dhùn Bheathadh

Dùn Bheathadh, Gallaibh

Bheir Taigh-tasgaidh Dualchais Dhùn Bheathadh thu air “turas tro àiteachan agus dhaoine ann an taobh an ear-dheas Ghallaibh san àm a dh’fhalbh”. Tha e ag innse na sgeulachd againn bho na Sealgairean-cruinneachaidh as tràithe, gus na Ciad Tuathanaich, Linn an Umha, Linn an Iarainn/nan Cruithneach agus linn nan Lochlannach. An uair sin, tha Eachdraidh Caisteal Dhùn Bheathadh agus na coimhearsnachd tuathanachais is croitearachd ann cho math ri fios mu choimhearsnachd fìor inntinneach nan iasgairean. Tha àite rannsachaidh sònraichte aig an t-Seòmar Dhualchais againn, a’ gabhail a-steach clàran a’ chunntais-sluaigh agus ìomhaighean air an taisbeanadh bhon Chruinneachadh. Bidh taisbeanaidhean sealbhach ann tron bhliadhna.

A bharrachd air a bhith na ionad a tha a’ comharrachadh obair an ùghdair Neil M Gunn a rugadh ann an Dùn Bheathadh, tha an Taigh-tasgaidh Dualchais na shàr àite taisbeanaidh is mìneachaidh, a tha na àite cruinneachaidh mìorbhaileach do mhuinntir an àite agus do luchd-tadhail – sean is òg.

Tursan Sgoile

Co-dhiù tha thu airson turas fèin-stiùirichte a chur air dòigh dhan taigh-tasgaidh gus an cruinneachadh againn fhaicinn no am bu toil leat seisean a chur air dòigh, tha luchd-obrach/saor-thoilich an taigh-tasgaidh a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte oirbh.

Ge b’ e dè na planaichean a th’ agad, cuir fios chun an sgioba taigh-tasgaidh againn ro-làimh gus àite a ghleidheadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras agaibh.

Tursan Bhiortail

Ro fhada air falbh airson tadhal?

A bheil e doirbh a dhol air turasan gu taighean-tasgaidh mar thoradh air cuingealachaidhean buidseit?

Na gabh dragh! Ged nach urrainn dhan taigh-tasgaidh againn bùthan-obrach air-loidhne a dhèanamh aig an àm seo, tha dòighean eile ann san urrainn dhuinn ar cuid eòlais agus na cruinneachaidhean againn a thoirt a-steach dhan chlas agad agus mar sin feuch gun cuir thu post-d gu sgioba an taigh-tasgaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Tursan teaghlaich

Tha raon de ghnìomhachdan taigh-tasgaidh ann do theaghlaichean le clann de gach aois agus cothrom na cruinneachaidhean againn fhaicinn ann an àrainneachd shàbhailte.

Gus faighinn a-mach dè na gnìomhan agus na goireasan a tha rim faighinn an-dràsta cuir post-d gu sgioba nan taigh-tasgaidh againn tron làraich-lìn againn.

Gnìomhan, Luchdachaidhean a-nuas is Goireasan Didseatach

Briog air a’ phutan gus Cluich is Ionnsachadh

Nithean bhon taigh-tasgaidh seo:

Far a bheil sinn

Ionad Dualchais Dhùn Bheathadh, Dùn Bheathadh KW6 6ED : Fosgailte fad na bliadhna, Diluain - Dihaoine 10:00 - 16:00, Disathairne 10:00 - 13:30 (Disathairne gu 16:30 an Lùnastal agus an t-Sultain)

Skip to content