Fosail Èisg
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

’S e a th’ anns an nì neo-àbhaisteach seo ach fosail de dh’iasg ‘armaichte’ bho Meadhan na linn Devonian, ris an canar gu tric ‘Aois an Èisg’. B’ ann faisg air deireadh na linn Devonian a bhiodh èisg a’ snàgail a-mach air tìr agus a’ fàs gu bhith nan diofar chreutairean fearann.  

Bha an t-iasg seo a’ fuireach ann an loch mòr.  Nuair a bhàsaich e chaidh a ghleidheadh taobh a-staigh sreathan de dh’eabair a chaidh a chur sìos taobh a-staigh an locha. Chaidh na sreathan seo de dh’eabair a thiodhlacadh gu domhainn gus an robh iad ‘lithified’ a’ ciallachadh gun deach an tionndadh gu clach.  

Nuair a chaidh a’ chreag anns an robh an t-iasg a sgoltadh le neach-cruinneachaidh fhosailean, lorgadh an dà chuid an t-iasg glèidhte agus sealladh den iasg anns an rud ris an canar pàirt agus com-pàirt an fhosail (part and counterpart).  Chaidh am fosail seo a lorg beagan a deas air Inbhir Narann agus chaidh a thoirt do Thaigh-tasgaidh Inbhir Narann le Iarla Chaladair.  

B’ e Pterichthyodes milleri an t-ainm a bh’ air an iasg fhèin, leis an ainm ‘milleri’ a’ toirt urram dhan chreag-eòlaiche Albannach, Hugh Miller, a bha air leth buadhach agus aig an robh cliù stèidhichte air an rannsachadh rinn e air mu na h-èisg seo agus eisimpleirean coltach riutha. B’ e sgrìobhadair Bhictorianach torrach a bh’ ann am Miller, a sgrìobh mòran phàipearan agus artaigilean acadaimigeach agus tron obair aige, rinn e cinnteach gun robhar a’ toirt aire do gheòlas na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach nam fosailean.  

Tha ainm an èisg a’ toirt barrachd lèirsinn dhuinn air an fhosail fhèin agus tha pterichthys, às an tàinig an t-ainm, a’ ciallachadh iasg sgiathach ann an seann Ghreugais.  Dhaibhsan aig a bheil beagan eòlais air linn nan dinosauran aithnichidh tu cuideachd cleachdadh ‘pter’ ann am pterodactyl, snàgaire sgiathach bhon Linn Diùrasach.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 385,000,000 BCE
Stuthan: Clach
Meudachd: 3cm x 10cm

Associated Activity

Skip to content